Tha sinn a’ cuideachadh dhaoine aig aois obrach air feadh na Gàidhealtachd a tha airson obair fhaighinn ach a tha feumach air bharrachd taic, trèanadh, no eòlas-obrach gus obair a lorg is a chumail, tilleadh a dh’obair às dèidh greis air falbh, no adhartas a dhèanamh san obair sa bheil iad an-dràsta.
Is urrainn dhuinn cuideachd fastaichean a chuideachadh gus luchd-obrach a lorg aig a bheil na prìomh sgilean cosnaidh agus an t-eòlas freagarrach a tha a dhìth gus an tig iad gu bhith nam buill luachmhor den luchd-obrach, agus gus am bi cothrom aig gnothachasan na Gàidhealtachd air leasachadh.