Naidheachdan agus Tachartasan

Cuir tachartasan OBG air dòigh

Tha sgioba Obair. Beatha. Gàidhealtachd airson ceangal a thogail leis gach coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd, airson innse dhaibh mu na dòighean san urrainn dhuinn daoine fa leth agus fastaichean a chuideachadh gus barrachd dhaoine a chur a dh’obair no airson daoine aig a bheil obair mar-thà a chuideachadh gus adhartas a dhèanamh.

Cuir fios thugainn ma tha thu airson tachartas Obair. Beatha. Gàidhealtachd a chur air dòigh sa choimhearsnachd no san àite-obrach agad.