’S e Obair. Beatha. Gàidhealtachd an t-ainm-brannd airson Com-pàirteachas So-fhastachd na Gàidhealtachd. Tha an Com-pàirteachas a’ toirt bhuidhnean poblach, prìobhaideach is treas roinn còmhla airson daoine a chuideachadh gus adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh obair, a-steach a dh’obair, is taobh a-staigh na h-obrach.
’S e amas a’ Chom-pàirteachais àireamh cho mòr ’s a ghabhas de luchd-còmhnaidh na Gàidhealtachd a thogail a-mach à bochdainn, tro obair sheasmhach is chothromach a chuidicheas daoine fa leth is fastaichean air feadh na Gàidhealtachd gus na comasan obrach aca fhuasgladh.