Tha mi ag iarraidh obair

Tòisich ag obair airson a’ chiad uair

Mura h-eil obair agad agus tu airson obair fhaighinn, is urrainn dhuinn seirbheis a thabhann a tha a’ freagairt air gach neach fa leth agus a chuidicheas tu gus adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh obair agus a-steach a dh’obair.

Is urrainn dhuinn taic a thoirt dhut gus sgilean, fiosrachadh is eòlas freagarrach a leasachadh, gus am bi thu nas co-fharpaiseil sa mhargaid-obrach.

’S urrainn do dh’obair slighe sheasmhach a thoirt seachad a-mach à bochdainn. A bharrachd air an luach ionmhasail, faodaidh buannachdan eile a bhith an lùib obair, a leithid a bhith:

  • a’ coinneachadh ri daoine ùra agus a’ togail lìonraidhean sòisealta;
  • a’ togail fèin-spèis, misneachd, spionnadh is sunnd;
  • a’ toirt adhbhar is dearbh-aithne seachad; agus
  • a’ toirt fìor dheagh eisimpleir do dhaoine òga.

Gheibh thu taic bho phrìomh neach-obrach a choimheadas air an t-suidheachadh phearsanta agad fhèin. Bidh sibh ag obair còmhla gus plana-gnìomha a tha ceart dhut fhèin a chur air dòigh agus gus dèanamh cinnteach gum faigh thu an taic a tha a dhìth ort aig an àm cheart.

Ag obair còmhla ri grunn chom-pàirtichean, tha sinn a’ tabhann raon de thaic, trèanadh is eòlas-obrach a tha air a dhealbhachadh gus do thoirt bho far a bheil thu an-dràsta gu ruige obair fhaighinn.

Ma tha ùidh agad ann a bhith ag obair air do cheann fhèin, ’s dòcha gum bi taic ri fhaotainn gus am faigh thu na sgilean no na teisteanasan a tha a dhìth ort gus an gnothachas agad fhèin a steidheachadh. 

Is urrainn dhuinn conaltradh a chur air dòigh eadar thu fhèin is Slighe Gnothachais a bheir taic is comhairle a bharrachd seachad, le fiosrachadh mu mhaoineachadh a tha ri fhaotainn airson gnothachas a steidheachadh.

Tha an turas seo pearsanta do gach neach, ach cuir fios thugainn mar chiad cheum agus bruidhnidh cuideigin bhon sgioba riut mu na h-ath cheumannan.

A’ tilleadh a dh’obair

Faodaidh tilleadh a dh’obair às dèidh ùine air falbh a bhith eagalach aig aois sam bith.

Tha iomadh adhbhar ann carson a dh’fhaodadh daoine sgur a dh’obair – mar eisimpleir, ùine air falbh airson clann a thogail, adhbharan slàinte pearsanta, dleastanasan cùraim, gluasad dhan Ghàidhealtachd, beàrn dreuchd às dèidh pàigheadh dheth, no airson cothromachadh nas fheàrr eadar beatha agus obair.

Aig an aon àm, tha iomadh adhbhar ann carson a tha daoine air co-dhùnadh tilleadh a dh’obair – is dòcha airson adhbharan ionmhasail, mathas pearsanta, no an sàsachadh a dh’fhaodas obair a thoirt dhut.

Ma tha thu airson tilleadh a dh’obair ach gu bheil dùbhlain romhad no rudan a’ cur dragh ort, is urrainn dhuinn seirbheis shònraichte a thabhann a chuidicheas tu gus adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh obair agus a-steach a dh’obair.

Gheibh thu taic bho phrìomh neach-obrach a choimheadas air an t-suidheachadh phearsanta agad fhèin. Bidh sibh ag obair còmhla gus plana-gnìomha a tha ceart dhut fhèin a chur air dòigh agus gus dèanamh cinnteach gum faigh thu an taic a tha a dhìth ort aig an àm cheart.

Ag obair le grunn chom-pàirtichean, tha sinn a’ tabhann raon de thaic, trèanadh is comhairle a tha air a dhealbhachadh gus do thoirt bho far a bheil thu an-dràsta gu ruige obair fhaighinn.

Ma tha ùidh agad ann a bhith ag obair air do cheann fhèin, ’s dòcha gum bi taic ri fhaotainn gus am faigh thu na sgilean no na teisteanasan a tha a dhìth ort gus an gnothachas agad fhèin a steidheachadh. Is urrainn dhuinn cuideachd conaltradh a chur air dòigh eadar thu fhèin is Slighe Gnothachais a bheir taic is comhairle a bharrachd seachad, le fiosrachadh mu mhaoineachadh airson gnothachas a steidheachadh.

Tha an turas seo pearsanta do gach neach, ach cuir fios thugainn mar chiad cheum agus bruidhnidh cuideigin bhon sgioba riut mu na h-ath cheumannan.

Taic a bharrachd

Tha fios againn gu bheil cuid de dhaoine ann a tha airson a bhith ag obair ach aig a bheil bacaidhean a bharrachd. Tha seo a’ gabhail a-steach daoine le ciorramachd, duilgheadasan slàinte corporra no inntinn, no duilgheadasan fad-ùine eile, agus cuideachd daoine a tha ann an cunnart gum bi iad gun chosnadh san ùine-fhada.

Is urrainn dhuinn do chuideachadh gus taic a bharrachd fhaighinn bho eòlaichean gus an urrainn dhut faighinn a-steach dhan mhargaid-obrach.

Ma tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach, cuir fios chun an sgioba againn.