’S e fastaiche a th’ annam

A’ cuideachadh cuideigin gus obair fhaighinn

Tha fastaichean air leth cudromach le bhith a’ cruthachadh cothrom do dhaoine a tha faighinn taic bhuainn.  Bidh buannachdan ann dha fastaichean cuideachd leis gum bi e comasach dhuinn daoine a chur air adhart le comasan obrach bunaiteach agus eòlas-obrach iomchaidh gus am bi iad na phàirt luachmhor den sgioba airson gnìomhachasan air a’ Ghàidhealtachd a leasachadh.

Is urrainn do dh’fhastaichean cuideachadh tro bhith a’ tabhann:

  • Fastachd
  • Eòlas obrach
  • Cothroman obrach saor-thoileach
  • Blasadan obrach seach agallamhan foirmeil

Ma tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach, cuir fios thugainn.

A’ togail sgilean phàrantan

Dh’fhaodadh gum bi leasachadh sgilean a-measg na daoine a th’ ann mu thràth buannachdail dhan fastaichte agus dhan neach-obrach.   Bidh fastaichean a’ buannachadh tro bhith a’ cumail agus a’ leasachadh daoine a th’ ann mu thràth agus leis a sin, gearradh sios air fastadh agus trèanadh a thoirt airson daoine ùra.

‘S e ìsleachadh air bochdainn chloinne aon de na prìomhachasan aig Obair. Beatha. Gàidhealtachd.  Air sgath ‘s sin, tha sinn a’ tabhann cothroman sònraichte do theaghlaichean le cosnaidhean ìosal leis an t-amas obair le pàigheadh nas fheàrr fhaighinn, no obair a tha nas freagarraiche dhan suidheachadh agad.

Is urrainn dhuinn stiùir a thoirt dhuibh gu cùrsaichean dreuchdail, trèanadh barantaichte, neo teisteanasan gnìomhachais.  Mar thoradh air seo bidh buannachdan ann don gnìomhachas tro dòighean-obrach nas èifeachdach.

Cuir fios airson barrachd fhaighinn a-mach mu dhòighean anns am faodadh an sgioba an gnothachas agadsa a chuideachadh.

Ceanglaichean feumail eile do dh’fhastaichean

A bharrachd air Obair. Beatha. Gàidhealtachd tha ceanglaichean gu h-ìosal a dh’fhaodadh a bhith feumail do dh’fhastaichean:

Seirbheis So-fhastachd Comhairle na Gàidhealtachd

Fiosrachadh mu bhith a’ Trusadh Preantas.

Hub Fastaiche Leasachadh Sgilean na h-Alba.

A’ Togail Cheanglaichean eadar Fastaichean agus Foghlam tro Leasachadh an Sgioba-obrach Òg (Developing the Young Workforce – DYW).

Mar as urrainn dhan Ionad Obrach fastaichean a chuideachadh.

OGE – Sanasaich na h-obraichean agad agus thoir buaidh air a’ churraicealam.

Lorg an taic a tha a dhìth ort bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean

Taic airson gnìomhachasan beaga bho FSB Alba.

Seòmar-Malairt Loch Abar

Seòmar-Malairt Inbhir Nis

Seòmar-Malairt Ghallaibh

Skye Connect

Business Gateway Highland