A’ gabhail nan ath cheumannan agad
Chan ann a-mhàin do dhaoine a tha a’ sireadh obair a tha Obair. Beatha. Gàidhealtachd.
Tha sinn an seo airson cuideachadh a thoirt do dhaoine de gach aois a tha ag obair agus a tha an-dràsta a’ faighinn Creideas Coitcheann airson cur ris an teachd-a-steach aca. Tha sinn airson coimhead air cothroman a bheir dòigh dhut air barrachd airgid a chosnadh agus a lùghdaicheas am feum airson taic bho Chreideas Coitcheann.
Tha e cudromach fios a bhith agad nach eil an Creideas Coitcheann agad a’ stad ma dh’obraicheas tu barrachd air 16 uairean san t-seachdain.
Tha sinn a’ tabhann taic shùbailte is shònraichte do dhaoine fa leth gus an urrainn dhaibh barrachd airgid a chosnadh, barrachd obrach fhaighinn agus faighinn thairis air bacaidhean air adhartas nan cuid obrach, gus an urrainn dhut gluasad nas fhaisge air a bhith neo-eisimeileach a thaobh ionmhais, co-dhiù is ann an-dràsta no san àm ri teachd.
Ma tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach, cuir fios thugainn.
Taic airson pàrantan a tha ag obair
’S e a bhith ag ìsleachadh bochdainn chloinne aon de na prìomhachasan aig Obair. Beatha. Gàidhealtachd. Tha sinn a’ tabhann cothrom do theaghlaichean a tha ag obair ach aig a bheil teachd-a-steach ìosal a dhol air adhart gu obair le pàigheadh nas fheàrr, no obair fhaighinn a tha a’ freagairt nas fheàrr air an t-suidheachadh aca.
Is urrainn dhuinn cothrom a thoirt seachad air sgilean dreuchdail, trèanadh barantaichte, no teisteanachadh gnìomhachais. Faodaidh seo adhartas dreuchdail agus teachd-a-steach teaghlaich nas àirde a thoirt gu buil.
Gheibh thu taic bho phrìomh neach-obrach a choimheadas air an t-suidheachadh phearsanta agad fhèin. Bidh sibh ag obair còmhla gus plana-gnìomha a tha ceart dhut fhèin a chur air dòigh agus gus dèanamh cinnteach gum faigh thu an taic a tha a dhìth ort aig an àm cheart.
Tha taic ri fhaighinn airson pàrantan a tha ag obair, le prìomhachas sònraichte do na buidhnean teaghlaich a leanas:
- pàrantan nan aonar
- pàrantan no clann le ciorram
- pàrantan le 3 chloinne no barrachd
- pàrantan bho mhion-shluagh cinnidheach
- pàrantan le leanabh as òige fo 1 bhliadhna a dh’aois
- teaghlaichean le pàrant fo 25 bliadhna a dh’aois
Ma tha ùidh agad ann a bhith ag obair air do cheann fhèin, ’s dòcha gum bi taic ri fhaotainn gus am faigh thu na sgilean no na teisteanasan a tha a dhìth ort gus an gnothachas agad fhèin a steidheachadh. Is urrainn dhuinn cuideachd conaltradh a chur air dòigh eadar thu fhèin is Slighe Gnothachais a bheir taic is comhairle a bharrachd seachad, le fiosrachadh mu mhaoineachadh airson gnothachas a steidheachadh.
Ma tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach mun taic a tha ri fhaotainn bho Obair. Beatha. Gàidhealtachd, cuir fios thugainn.